Naidheachdan 11:00m

Birmingham

Dh'iarr Coimiseanair Poilis agus Eucoir nan West Midlands ann an Sasainn air a' phoileas anns an sgìre 's air Comhairle Baile Birmingham coimhead às ùr air a' cho-dhùnadh an luchd-leantainn aig an sgioba ball-coise Israelach Maccabi Tel Aviv a chasg bho a dhol gu geama an aghaidh Aston Villa ann am Birmingham air an ath -mhìos. Tha Poileas nan West Midlands ag ràdh gu bheil iad a' cur taic ri co-dhùnadh buidheann sàbhailteachd na Comhairle 's iad a' meas gum biodh cunnart de dh'fhòirneart agus buaireadh ann timcheall air a' gheama. Tha mòran air an co-dhùnadh a chàineadh ge-tà, nam measg am Prìomhaire, a thuirt gur e an co-dhùnadh ceàrr a bh' ann.

An Ruis

Tha Dòmhnall Trump am beachd coinneachadh ris a' Cheann-suidhe Putin anns an Ungair taobh a-staigh cola-deug 's dòcha, 's e an dòchas gun cuidich sin le crìoch a thoirt air a' chogadh anns an Ucràin. Bha an dithis cheann-suidhe a' bruidhinn air a' fòn an-dè fad còrr air dà uair a thìde. Thuirt Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, a th' air Washington a ruighinn airson còmhraidhean leis a' Cheann-suidhe Trump e fhèin, gun robh Vladimir Putin airson barganachadh a dhèanamh ann an cabhag gus nach biodh Mgr Trump ag aontachadh urchairean cruise Tomahawk a reic ris an Ucràin.

Dotair

Dh'iarr buidheann charthannais Rape Crisis Scotland gum biodh dotair bhon Ghàidhealtachd air a chur à dreuchd rè ùine 's esan fo chasaid mun dol-a-mach aige a dh'ionnsaigh boireannaich a bh' air a h-èigneachaedh le a mhac. Bha an Dtr Anndra MacPhàrlain air a chur an grèim agus fo chasaid às dèidh càineadh pearsanta a dhèanamh air-loidhne air Ellie Wilson. Tha a' Chomhairle Choitcheann Mheadaigeach air tribunal a chur air dòigh mu chùis an Dtr MhicPhàrlain, 's tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh na tha a dhìth airson euslaintich a dhìon. Ach tha Rape Crisis Scotland den bheachd nach eil cabhag gu leòr anns a' chùis. Tha am BBC air oidhirp a dhèanamh grunn thursan bruidhinn ris an Dtr MacPhàrlain.

Bochdainn Connaidh

Tha rannsachadh an aon sgìre de Leòdhas ag ràdh gu bheil còrr air 80% de dhachannan a th' ann am bochdainn connaidh. Tha Urras an Rubha agus Shanndabhaig a' feuchainn ri daoine san sgìre aca a bhrosnachadh gus cur a-steach airson taic-airgid a tha ri fhaotainn bhuapa le airgead a tha a' tighinn bhon tuath-ghaoithe choimhearsnachd aca. Tha an t-Urras air fiolm goirid fhoillseachadh gus aire a tharraing chun na trioblaid cuideachd. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gun d' fhuair na h-Eileanan £1.1m de thaic èiginnich bhuapasan bhon Dùbhlachd 2022 a thaobh chosgaisean connaidh is eile.

Am Mòd

'S e an-diugh an là mu dheireadh de dh'fharpaisean a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar. Tha na còisirean sgìreil ag amas air an duais mhòir Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn an-diugh. Bha na duaisean mòra an-dè san t-Seann Nòs air am buannachadh le Màiri Callan à Coatbridge agus Donnchadh MacLeòid à Drochaid a' Bhanna.