Na mìltean sgeulachdan ann an stòras ùr
Chaidh làrach-lìn ùr fhoillseachadh le còrr is 5,000 sgeulachd no mith-sgeul ann an Gàidhlig na h-Alba, Gaeilge na h-Èireann agus Beurla.
'S iad luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha air a cùlaibh agus tha i ceangailte ri pròiseact air a bheil 'Hidden Heritages'.
Bha an t-Ollamh Will Lamb an sàs sa phròiseact.