Làrach-lìn ùr le stòras luachmhor de sheann sgeulachdan

Seann inneal clàraidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh làrach-lìn ùr, taobh a-muigh fhoillseachadh le còrr is 5,000 sgeulachd no mith-sgeul ann an Gàidhlig na h-Alba, Gaeilge na h-Èireann agus Beurla.

'S iad luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha air a cùlaibh agus tha i ceangailte ri pròiseact air a bheil 'Hidden Heritages'.

Tha mòran de na sgeulachdan gam foillseachadh gu poblach airson a' chiad uair.

Thàinig tòrr dhiubh bho thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann agus bho thasglann Oilthigh Bhaile Ath Cliath.

Bha tuigse-innealta, no AI, aig cridhe na h-obrach.

'S ann ann an seann làmh-sgrìobhainnean a bha tòrr de na sgeulachdan - tàr-sgrìobhaidhean de chlàraidhean - agus chaidh AI a chleachdadh gus an cur ann an cruth didseatach.

Tha ceangalan ann cuideachd gu clàraidhean a tha air làrach-lìn Thobar an Dualchais/Kist o Riches, taobh a-muigh agus gheibhear air na tàr-sgrìobhaidhean a leughadh sa Ghàidhlig fhad 's a thathar ag èisteachd ri na clàraidhean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Will Lamb ag innse mun obair a bha air culaibh na làraich-lìn

Chaidh am pròiseact a mhaoineachadh le Comhairle Rannsachaidh nan Ealan agus nan Daonnachdan (AHRC) agus Comhairle Rannsachaidh na h-Èireann.

Bha an t-Ollamh Will Lamb an sàs sa phròiseact agus cha beag an obair a bha aig an sgioba ri dhèanamh.

"Bha tòrr obrach na luib le a bhith a' sganadh an stuth agus mar a thuigeas sibh bha na mìltean dhuilleagan a b' fheudar dhuinn a chur fo sganair agus bha againn ris an fhiosrachadh mu a h-uile pìos a ghlacadh agus a chur ann an coimpiutair. Thug sin bliadhna gu leth.

"Fhad 's a bha sinn ag obair air a sin bha sinn a' trèanadh mhodailean a bha ag aithneachadh an stuth sgrìobhte. Cha do dh'obraich e uabhasach math an toiseach.

"Ach às dèidh bliadhna no dhà bha sinn a' faighinn, tha mi a smaoineachadh, 95% ceart a thaobh nam faclan a bha sinn a' faicinn," thuirt e.

Aon de na sgeulachdan a chaidh a chruinneachadh le Mòrag NicLeòid bho Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1960 agus tha ri fhaighinn air làrach-lìn Hidden Heritages.

Tùs an deilbh, Hidden Heritages
Fo-thiotal an deilbh,

Aon de na sgeulachdan a chaidh a chruinneachadh le Mòrag NicLeòid bho Sgoil Eòlais na h-Alba ann an 1960 agus tha ri fhaighinn air làrach-lìn Hidden Heritages.

'S e an obair tha a-nis ro Will agus a cho-obraichean sa bhliadhna ri teachd ach a bhith a' ceartachadh le làimh an stuth a thog am coimpiutair gus am bi a h-uile facal ceart agus a rèir na tha anns na clàraidhean.

Tha Will ag ràdh gun urrainn do luchd-labhairt na Beurla feum a dhèanamh den làrach-lìn cuideachd: "Bhon a tha an teacsa didseatach faodaidh sibh sin a chur tro Google Translate, no ChatGPT, no ge brith dè a th' ann 'son eadar-theangachadh a tha rud beag robach ach a leigeas leat seadh an rud a thuisginn!"

'S e an ath cheum teicneòlas a threànadh gus an gabh tar-sgrìobhaidhean nas earbsaiche a dhèanamh bho chlàran de sgeulachdan Gàidhlig.

Tha sin mar phàirt de dh'obair iomadh bliadhna air a bheil ÈIST, taobh a-muigh, a tha a' faighinn taic bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha clàr air duilleag aghaidh na làraich-lìn a leigeas le daoine sgeulachdan bho dhiofar sgìrean a thaghadh.Tùs an deilbh, Hidden Heritages
Fo-thiotal an deilbh,

Tha clàr air duilleag aghaidh na làraich-lìn a leigeas le daoine sgeulachdan bho dhiofar sgìrean a thaghadh.