Naidheachdan 11:00

Gàsa

Dh'iarr an Rìoghachd Aonaichte agus 27 dùthaich eile deireadh sa bhad air a' chogadh ann an Gàsa. Tha aithris eadar iad ag ràdh gu bheil sìobhaltaich a' fulang gu dona agus gu feum fois-fhòirneart aontachadh. Thuirt ministreachd dìon Israel nach eil tuigse cheart aig na dùthchannan sin air firinn na cùise.

In-imreachas

Tòisichidh smachd-bhannan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an t-seachdain seo an aghaidh dhaoine a tha a' cuideachadh le in-imreachas mì-laghail. Thèid casg bho shiubhal dhan Rìoghachd Aonaichte air ceannardan nan gràisgean a tha ri cùiltearachd sluaigh, air companaidhean a tha a' reic bhàtaichean beaga agus a tha a' gluasad airgid. Tha na figearan 's ùire bho Oifis na Dùthcha ag ràdh gun tàinig 23,534 duine a-staigh a Bhreatainn ann am bàtaichean beaga gu ruige seo am-bliadhna.

Ionmhas

Sheall figearan oifigeil gun do ghabh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £20.7bn air iasad san Òg-mhìos, suim nas motha na bha eòlaichean an dùil. Agus bha an easbhaidh eadar teachd a-steach agus cosgais £6bn nas motha na an dearbh ùine an-uiridh.

UHI

Thuirt aonadh a tha a' riochdachadh luchd-teagasg gu feum cinnt a bhith ann mu Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean an dèidh lùghdachadh 6000 ann am bliadhna ann an àireamh nan oileanach. 'S e lùghdachdh 14% a tha sin agus tha Aonadh Colaistean agus Oilthighean na h-Alba ag ràdh nach urrainn dha leantainn mar sin. Thuirt Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur e farpais à àiteachan eile agus buaidh a' phandemic 's coireach agus gu bheil iad a' dèanamh oidhirp air tuilleadh oileanach fhastadh.

Dàrna Dachaighean

Tha Ross Greer, a tha a' seasamh airson ceannas a' Phàrtaidh Uaine an Alba, ag iarraidh a dhèanamh nas doirbhe do dhaoine dàrna dachaigh a cheannach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig. Tha Mgr Greer air a bhith a' strì bho chionn ùine son cìs a bharrachd air ceannach an dàrna dachaigh agus an turas seo tha e a' moladh gum bu chòir sin tachairt anns na Sgìrean Cànain Sònraichte a thèid ainmeachadh a dh'aithghearr.

Jamie MacGriogair

Tha luaidh ga dhèanamh Sir Jamie MacGriogair a bha na bhall Tòraidheach ann am Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh naidheachd a bhàis. Bha e 75. Bha e 17 bliadhna aig Holyrood mar bhall liosta dhan Ghàidhealtachd 's dha na h-Eileanan. Thuirt Ceannard nan Tòraidhean an Alba , Russell Findlay, gu robh Sir Jamie na fhìor charaid dha na sgìrean sin.

Tòraidhean

Bheir ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, na h-uimhir de dh'atharrachadh air a' chaibineat aice an-diugh. Nam measg, tillidh seann Rùnaire na Dùthcha agus Rùnaire Cèin, Sir James Cleverly, dha na beingean aghaidh.