Naidheachdan 11:00m

Gnè

Tha Coimisean na Co-ionnanachd agus Chòraichean Daonna an dùil comhairle fhoillseachadh ro shamhradh, thuirt iad, an dèidh riaghladh na Prìomh Chùirte air dè th' ann am boireannach. Tha buidhnean poblach a' beachdachadh a-niste air buaidh co-dhùnadh a cùirte air àiteachan mar uàrdan ospadail agus seòmraichean èididh.

Luchd-siridh Comraich

Tha còrr is 100 buidheann charthannais ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sgur a chleachdadh buidseat taice nan dùthchannan cèine airson luchd-siridh comraich a chumail ann an taighean-òsta. Tha iad ag ràdh gu bheil cosg an airgid anns an dùthaich seo a' lùghdachadh a bhuaidhe thall-thairis. Thuirt ministearan an Riaghaltais gu bheil iad ag amas mar phoileasaidh air a bhith a' dùnadh taighean-òsta comraich.

Gàsa

Thuirt oifigich Hamas gun deach dusanan dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaighean-adhair Israelach ann an Gàsa an-raoir. Thuirt buidheann dìon na sgìre gun do bhuail aon ionnsaigh air campa fògarrach Pailistinianach faisg air baile Khan Younis. Tha Israel a' cumail a-mach gur ann airson prìosanaich a tha fhathast am bruid a shaoradh a thòisich iad às ùr air cogadh an aghaidh Hamas bho chionn mìos.

An A82

Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil leasachadh èiginneach a dhìth air prìomh rathad an A82 eadar Inbhir Nis is Glaschu. Tha mòran den rathad cho cumhang 's gur ann air èiginn a gheibh carbadan mòra mar làraidhean agus busaichean seachad air a chèile. Tha figearan ùra bho Phoileas Alba agus Còmhdhail Alba ag innse gun deach 270 duine a mharbhadh ann an tubaistean motarbaidhseagail an Alba eadar am Faoilleach ann an 2015 agus an Lùnastal an-uiridh. Bha a' chuid as motha dhiubh air a' Ghàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Thuirt Còmhdhail Alba gun deach còrr is £180m a chosg air rathad an A82 bhon bhliadhna 2007.

Cala Àird Rosain

'S tha luchd-iomairt ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba gluasad air adhart le leasachadh aig Cala Àird Rosain. Bha dùil gum biodh am bàta ùr aig CalMac, an Glen Sannox, air slighe Eilein Arainn ach chan eil an cidhe freagarrach. Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air na goireasan a chur fo shealbh na Stàite, ach chan eil cinnt ann dè an ìre aig a bheil sin.