Itealan ùr eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Thèid itealan ùr, an Tecnam P2012, a chleachdadh air an t-slighe eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh feuch piseach a thoirt air mar a tha euslaintich a' siubhal às Uibhist a Steòrnabhagh airson seirbheisean meidigeach.
Fhuair Comhairle nan Eilean Siar maoineachadh £100,000 a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba gus an t-itealan fhaighinn an àite am Britten-Norman Islander bhuidhe aig Hebridean Air Services, a tha air an t-slighe an-dràsta.
Chan eil am maoineachadh sin a' leantainn ach airson bliadhna, ach bidh an t-seirbheis ga leudachadh bho thrì là san t-seachdain gu ceithir airson na h-ùine sin.
Rinn Airtask - a' chompanaidh os cionn Hebridean Air Services - deuchainn leis an Tecnam aig toiseach na bliadhna, nuair a laigh i ann an Steòrnabhagh, Baile a' Mhanaich agus air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh, ach chan eil seirbheis gu bhith ann eadar Barraigh is Leòdhas aig an ìre seo.

Am Britten-Norman Islander a tha aig Hebridean Air Services an-dràsta
Choinnich Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, ri riochdairean NHS nan Eilean Siar an t-seachdain seo chaidh gus bruidhinn air an t-seirbheis.
Thuirt e: "Tuigidh mi na dùbhlain a tha ann ro euslaintich am Barraigh agus Uibhist a thaobh siubhail sna h-Eileanan an Iar, agus air an adhbhar sin tha sinn ag obair airson piseach a thoirt air cùisean dhaibhsan an-dràsta fhèin agus san ùine fhada."
Tha bliadhna ann bho thadhail Mgr Gray air Uibhist às dèidh do shreath ghearanan nochdadh mu cheanglaichean siubhail eadar na h-eileanan mu dheas agus Leòdhas.

Taobh a-staigh an Tecnam P2012
Chaidh buidheann-obrach a stèidheachadh eadar HITRANS, Comhairle nan Eilean Siar, NHS nan Eilean Siar agus riochdairean luchd-cleachdaidh nan seirbheisean slàinte gus sùil a thoirt air na trioblaidean.
Dh' fhoillsich a' bhuidheann aithisg sa Mhàrt, taobh a-muigh le 18 molaidhean mu mar a ghabhadh piseach a thoirt air cùisean.
Bha a bhith ag atharrachadh seirbheis Hebridean Air Services am measg nam molaidhean sin, is an sgrùdadh aca air sealltain gun deach an t-seirbheis mar a tha i an-dràsta a chur dheth 26% den ùine.
Gabhaidh an Tecnam naoidhnear luchd-siubhail, an coimeas ri ochdnar a ghabhas an Britten-Norman, ach chan eil i freagarrach do dhaoine a bhios a' cleachdadh cathair-chuibhle.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil Comhairle nan Eilean Siar mar-thà ag obair gus am maoineachadh a leudachadh nas fhaide na bliadhna.
Tha HITRANS air a bhith ann an conaltradh le buidheann aig Oilthigh Napier ann an Dùn Èideann feuch rampa a dhealbhachadh a bhiodh freagarrach ach tha riaghailtean sàbhailteachd an CAA a' fàgail nach e obair fhurasta a tha sin idir.
Nuair a chaidh am pleana a shealltainn dhan Chomhairle agus dhan Bhòrd Slàinte, bha ghrunn cheistean gu sònraichte aig riochdairean an NHS mun phuing seo, ach thuirt NHS nan Eilean Siar gun cuireadh iad "fàilte air itealan sam bith" a dh'fhaodadh piseach a thoirt air an t-seirbheis.
Mhìnich iad gum biodh adhartas ann le bhith ag atharrachadh bhon tè bhuidhe, ach gun robh iadsan den bheachd gum biodh cnapan-starra ann fhathast a thaobh a bhith a' faighinn air is far a' phlèana agus a thaobh na h-àireimh de luchd-siubhail a ghabhadh i.

Bha CnES agus NHS nan Eilean Siar a' toirt sùil mhionaideach air a' phleàna.
Tha NHS nan Eilean Siar cuideachd ag ràdh gu bheil iad air atharrachadh susbainteach fhaicinn is barrachd euslainteach ag iarraidh siubhal air aiseag agus air an rathad, seach air pleànaichean, gus cùram fhaighinn.
Bha moladh aig a' bhuidhinn-obrach gus coimhead air 's dòcha port-adhair Ghlaschu a chleachdadh gus ceangal a dhèanamh ri Steòrnabhagh, no a bhith a' toirt seirbheisean seachad ann an Glaschu - gu h-àraidh do dh' euslaintich à Barraigh.
B' fheàrr leis an NHS a bhith a' toirt seachad cùraim taobh a-staigh na sgìre aca fhèin ma ghabhas sin dèanamh ge-tà, agus thuirt iad nach biodh ceanglaichean tro Ghlaschu freagarrach air sgath na h-ùine a bhiodh a dhìth le dà oidhche air falbh bhon taigh do chuid a rèir a' chlàir-ama.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean 2024
- Air fhoillseachadh11 An t-Iuchar 2024
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2023