Oighreachd Ùig' agus Thamnabhaigh fo shealbh na coimhearsnachd?
Tha Urras Leasachaidh Sgìre Ùig' ann an Leòdhas air buidheann-obrach a stèidheachadh airson an obair gus Oighreachd Ùig' agus Thamnabhaigh a cheannach às leth na coimhearsnachd a thoirt air adhart.
'S ann leis an uachdaran phrìobhaideach Iain Scar Hall a tha i an-dràsta, 's tha an oighreachd ag ràdh nach eil am fearann air a' mhargaidh.
Seo Ailig John Moireasdan.