Co-labhairt Litearrachd nan Eilean

Chuala co-labhairt ann an Steòrnabhagh an-diugh gum feum brosnachadh a thoirt do chlonn gu bhith a' faighinn tlachd bho bhith a' leughadh leabhraichean.

Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine òga ag ràdh nach eil leughadh a' còrdadh riutha mar chur-seachad.

Chaidh dragh a thogail cuideachd mun bhuaidh aig gearraidhean-buidseit Comhairle nan Eilean air leabharlannan an àite.

Seo Alasdair MacLeòid.