Naidheachdan 11:00m

Ionsaigh trèana

Chaidh deich casaidean oidhirp air murt a chur air fireannach an dèidh nan ionnsaighean sgeine air trèana ann an Siorrachd Chambridge oidhche Shathairne. Tha Anthony Williams à Peterborough cuideachd fo chasaid gun robh sgian aige agus gun do rinn e cron air bodhaig. A bharrachd air a sin, tha casaid eile às a leth gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh aig stèisean ann an Lunnainn tràth madainn Disathairne.

Rèile

Tha dàil gu bhith air luchd-siubhail air prìomh loidhne-rèile an taobh siar fad grunn làithean, an dèidh do thrèana tighinn far na rèile ann an Cumbria anns a' mhadainn. Chaidh mòr-thubaist a ghairm, ach chan eil coltas gun deach duine a ghoirteachadh. Tha iad a' dèanamh dheth gun do bhuail an trèana ann am maoim-shlèibhe.

Taic-airgid

Chaidh faisg air £6m a roinn air diofar bhuidhnean eileanach airson pròiseactan coimhearsnachd. Fhuair talla-bhaile Sgalpaigh an t-suim airgid as motha bho Phrògram nan Eilean - faisg air £650,000 airson obair leasachaidh air an talla. Chaidh cha mhòr £250,000 gu Talla is Cafe Bhatarsaigh bho mhaoin eile, Maoin Cothromachadh Carbon nan Eilean.

FFIS

Tha croitearan air mì-thoileachas mòr a nochdadh mu mar a chaidh taic-airgid ùr bhon riaghaltas a roinn a-mach. Tha sgeama FFIS - Future Farming Investment Scheme - ag amas air obair àrainneachd a leasachadh ann an àiteachas. Ach tha faireachdainn ann gur e glè bheag de chroitearan a fhuair càil idir às, agus tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a-nis ag iarraidh soilleireachaidh bhon riaghaltas air mar a thachair.

Sòn smachdachaidh

Beachdaichidh comhairlichean na Gàidhealtachd an-diugh air plana gus smachd a chur air an àireamh ionadan AirBnB air taobh siar Rois, an Sràth Pheofhair agus an Loch Aillse. A rèir aithisg bho oifigearan, tha e doirbh do dhaoine taigh a cheannach anns na sgìrean sin, leis mar a tha barrachd ionadan AirBnB gan stèidheachadh annta na th' anns a' Ghàidhealtachd san fharsaingeachd. Coimheadaidh iad ri sòn a stèidheachadh far am biodh cead-dealbhachaidh a dhìth airson àite a chur a-mach air màl anns an dòigh sin.