"Beagan cothromachaidh" a thaobh riaghailtean nan còisirean

Tha an Comunn Gàidhealach air a bhith a' mìneachadh carson nach bi cead bho 2027 aig buill chòisirean seinn còmhla ri barrachd air aon chòisir air an aon là anns na prìomh fharpaisean aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Tha seo am measg phlanaichean a dh'fhoillsich an Comunn an t-seachdain seo is iad cuideachd gu mòr ag amas air an cànan a bhrosnachadh am measg nan còisirean.