Naidheachdan 11:00m

Lebanon

Tha Israel air an tuilleadh ionnsaighean adhair a thoirt air feadh Lebanon agus iad ag amas air meuran banca a tha iadsan ag ràdh a tha a' toirt taic do Hezbollah. Tha smachd-bhannan o na Stàitean Aonaichte air a bhith air banca Al-Qard al-Hassan bho 2007. Chaidh iarraidh air daoine anns na sgìrean mu thimcheall oifisean a' bhanca an dachannan fhàgail an-raoir. Tha seo a' tighinn 's Hezbollah air ionnsaighean a thoirt air targaidean airm ann an Israel, agus gunnaichean a losgadh air saighdearan Israelach ann an ceann a deas Lebanon.

Pàigheadh

Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Shona Robison, nach eil an còrr airgid ann airson tairgse pàighidh nas fheàrr do luchd-obrach comhairle. Tha seo a' tighinn 's cuid de bhallrachd an aonaidh Unison, leithid dhorsairean agus luchd-taice nan seòmraichean teagaisg, air a dhol air stailc fad cola-deug. Tha a h-uile bun-sgoil agus cuid de dh'ionadan foghlaim tràth-ìre ann an sgìre Chomhairle Pheairt agus Chinn Rois dùinte air a shàilleibh.

Na Tòraidhean

Tha Robert Jenrick, a tha a' seasamh airson ceannas nan Tòraidhean, air fàgail air an tagraiche eile, Kemi Badenoch, gu bheil i a' dèanamh dìmeas air ballrachd a' phàrtaidh t-sàilleibh nach eil i air poileasaidhean mionaideach fhoillseachadh. Tha Mgr Jenrick air gealltainn gun tèid cùl a chur ri cùirtean na h-Eòrpa air còraichean daonna, agus gum biodh aig a h-uile ball-pàrlamaid Tòraidheach a thig ri gabhail ri sin ma 's e agus gun soirbhich leis. Chan eil Kemi Badenoch air sgath dhe a sheòrsa a dhiùltadh, ach dh'fhàg Mgr Jenrick oirre gu bheil i a' tabhainn fhreagairtean furasta nuair a thig e gu inimreachas.

Teine

Tha mu 70 smàladair a' dèiligeadh ri teine aig bloc de dh'fhlataichean air taobh sear Lunnainn. Chaidh mu 30 duine a thoirt a-mach às an togalach ann am Plaistow. Chan eil fhios aig an ìre seo gu dè a dh'adhbharaich an teine.

Tramaichean

Chaidh aontaidhean a ruighinn air ùinichean airson fois agus eile do luchd-obrach thramaichean Dhùn Èideann. Bha an t-aonadh Unite a tha gan riochdachadh air maoidheadh stailc t-sàilleibh an eas-aonta a bh' ann.

Moldòbha

Tha coltas ann gu bheil muinntir Mholdòbha air taic a chur ri atharrachadh sa bhun-reachd agus iad airson a bhith nam ball, ma dh'fhaoidte, den Aonadh Eòrpach. Chaidh referendum a chumail air a' chuspair an-dè, agus le cunntadh na bhòta cha mhòr ullamh, tha dùil gu bheil beagan a bharrachd air taic a chur ris an atharrachadh na chaidh na aghaidh. Bha dùil gum biodh barrachd ann am fàbhar an atharrachaidh ge-tà, le ceann-suidhe na dùthcha ag ràdh gun robh buidhnean bho dhùthchannan cèine air gnothach a ghabhail ri poilitigs na dùthcha. Bha taghadh a' chinn-suidhe na b' fhaisge na bha dùil cuideachd, agus e a' dol a-niste gu dara cuairt de bhòtadh.