Sailm Ghàidhlig gam brosnachadh anns na Crìochan

Chan eil a' Ghàidhlig aig a h-uile duine a thig dhan bhuidhinn, ach chan eil sin na bhacadh orra tlachd fhaighinn às an t-seinn traidiseanta shònraichte seo
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann ann am baile beag anns na Crìochan, Carlops, air a bhith a' coinneachadh airson sailm Ghàidhlig a sheinn.
Thathas airson cothrom a thoirt do dhaoine an nòs seinn fheuchainn.
'S e Rob MacNeacail a bhios a' stiùireadh a' chruinneachaidh.
Thàinig am beachd airson buidheann mar seo a stèidheachadh à seirbheis chuimhneachaidh dha athair - am bàrd cliùiteach Aonghas Dubh MacNeacail - nuair a roghnaich Rob gum bu chòir sailm Ghàidhlig a bhith mar phàirt dhi.
"Bha mi a' smaoineachadh gum biodh e uabhasach snog nam biodh a' choimhearsnachd ann an Carlops a' seinn ceòl bhon choimhearsnachd anns an deach a thogail ann an Ùige anns an Eilean Sgitheanach," thuirt Rob.

Tha a' bhuidheann fosgailte gach cuid do dhaoine a bhios a' dol dhan eaglais, 's daoine nach bi
Chòrd e ris fhèin agus ris na daoine bhon sgìre a bha an làthair cho math is gun robh iad airson cumail a' dol leis.
"Tha mi a' smaoineachadh cuideachd dìreach a bhith a' seinn ann an cànan eile, 's dòcha nach eil daoine aig nach eil Gàidhlig cho diùid," thuirt e.
"Tha sin mar phàirt dheth, ach cuideachd 's e dìreach dòigh mhìobhaileach a th' ann Gàidhlig fhaighinn air bilean dhaoine.
"Às dèidh dhut a bhith a' seinn nan salm airson greis, bidh thu a' faicinn gu bheil iad uabhasach math airson do shlàinte-inntinn - bha tòrr anns a' bhuidhinn ag ràdh sin agus tha mise a' faireachdainn sin."

B' ann à seirbheis chuimhneachaidh do dh'athair Rob MhicNeacail, am bàrd ainmeil Aonghas Dubh, a dh'èirich an ùidh ann an sailm Ghàidhlig san sgìre
Bha sailm Ghàidhlig cudromach do Bheathag NicLeòid nuair a thòisich i a' leantainn: "Nuair a thòisich mi a' dol dhan eaglais nam inbheach, thòisich mi anns an Eaglais Shaoir air sgàth - aig an àm - bha iad a' seinn nan salm acapella.
"Bha mi a' faireachdainn gun robh e gu math prìseil."
Tha e na amas a-nis buidheann mar seo a stèidheachadh ann an Dùn Èideann.
Thuirt Beathag: "Chan fheum thu a dhol dhan eaglais, ma tha ùidh agad 's urrainn dhan a h-uile duine tighinn."
Bha Rob ag ràdh gum biodh athair air a dhòigh gun robh buidheann de a leithid ann an Carlops.
Bha e ag ràdh cuideachd: "Tha mi cinnteach gu bheil mi a' faireachdainn nas fhaisge air, ach cuideachd tha mi a' faireachdainn nas fhaisge air a' choimhearsnachd agam ... agus bha coimhearsnachd cho cudromach dha.
"Tha iomadh rud mìobhaileach a' tachairt nuair a tha sinn a' seinn còmhla."