Dàil air seachd-rathad Phort Rìgh

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag obair gu dlùth le Comhairle na Gàidhealtachd airson fuasgladh fhaighinn air trioblaidean a tha air dàil às ùr a chur air seach-rathad Phort Rìgh.

Ceangalaidh an rathad ùr Rathad Dhùn Bheagain ri Rathad Stafainn. Thuirt comhairliche bhon sgìre gu bheil esan an dùil nach tèid crìoch a chur air a' phròiseact gu deireadh an Earraich 2026.

Dh' innis a' chomhairle o chionn beagan mhìosan gum biodh an obair deiseil am-bliadhna.

Tha am fear-naidheachd Alasdair MacLeòid ag aithris.