A' cuimhneachadh air Murchadh “Wasp” Dòmhnallach

Chaidh luaidh a dhèanamh air fear de shàr sheinneadairean an t-seann nòis air Aithris na Maidne an-diugh.

Chaochail Murchadh “Wasp” Dòmhnallach à Siadar air Taobh Siar Leòdhais san t-Sultain.

Mhìnich Dòmhnall Moireasdan a’ bhuaidh a thug seinn Mhurchaidh air aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh ann an 1989, nuair a choisinn e Bonn Òir an t-Seann Nòis.

‘S ann leis an òran “A Rìbhinn Òig an Toil Leat Mi” a bhuannaich e.