Naidheachdan 11:00m

Inimreachas

Tha am Prìomhaire air rabhadh a thoirt seachad gu bheil an Rìoghachd Aonaichte ann an cunnart a bhith mar "eilean de choigrich" agus e a' foillseachadh phlanaichean gus atharrachaidhean mòra a thoirt air siostam inimreachais na dùthcha. Thuirt Sir Keir Starmer gun tèid na riaghailtean a thaobh chomasan cànain anns a' Bheurla a theannachadh do shaorannaich chèin agus gun tèid àrdachadh a thoirt air bhìosathan airson luchd-obrach sgileil airson 's gum biodh teisteanas oilthigh a dhìth orra gus a leithid fhaighinn.

Caolas Shasainn

Chaidh inimriche a mharbhadh an-raoir fhad 's a bha iad a' feuchainn ri tighinn chun na dùthcha ann an sgoth bheag thar a' Chaolais Shasannaich. Thuirt oifigich mhara anns an Fhraing gun deach grunnan eile a ghoirteachadh agus gun deach cobhair a dhèanamh air 66 duine.

Taraifean

Tha na Stàitean Aonaichte agus Sìona air aonta eadar-amail a ruighinn air taraifean. Fo na chaidh aontachadh eatorra bidh taraifean nan Stàitean Aonaichte air stuth Shìonach aig 30%, agus taraifean Sìonach air stuth Aimeireaganach aig 10%. Sin fhad 's a tha còmhraidhean a' dol airson aonta nas leantainniche eatorra. Tha àrdachadh air tighinn air margaidhean ionmhais na h-Eòrpa o chaidh innse gun deach aonta eadar-amail a ruighinn.

Fòirneart

Tha dùil ri sianar fhireannach anns a' chùirt an-diugh fhathast an co-cheangal ri rannsachadh mhòr mu sreath de dh'fhòirneart air taobh siar agus taobh sear na h-Alba. Bha oifigearan o Roinn Eucoir Eagraichte nam Poileas agus on Roinn an Aghaidh Cheannairc air na fireannaich a chur an grèim ann an Wishaw Dihaoine. Tha iad uile eadar 26 agus 57 bliadhna de dh'aois.

Nitshill

Tha na Poilis ag ràdh gun deach fear 68 bliadhna de dh'aois a chur an grèim an co-cheangal ri mar a dh'eug boireannach ann an Glaschu. Chaidh fios a chur air na Poilis mu bhuaireadh ann an sgìre Nitshill den bhaile oidhche Shathairne. Chaidh innse gun do dh'eug Margaret McGowan, a bha 71, aig an làraich.

Cothroman Eaconomach

Cha robh riamh na tha seo de chothroman mòra eaconomach air fàire air a' Ghàidhealtachd no ann an Alba air fad agus a tha an-dràsta. Sin a rèir aithisg ùir. Tha coltas ann gu bheil mu thimcheall air 250 pròiseact anns an amharc anns am biodh luach nam billeanan Notaichean ma dh'fhaoidte don sgìre. Thèid bruidhinn air na cothroman a tha seo aig Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Srath Pheofhair an-diugh fhathast.