Falasgair aig Bella: "Bucket list a th' ann"

'S iad an còmhlan Sgitheanach "Falasgair" a th' air cothrom a bhuannachadh tro fharpais thàlant airson nochdadh air a' phrìomh àrd-ùrlar a dh'fhosgladh fèis-chiùil Bhelladrum na bliadhna seo.

Chaidh an fharpais thàlant a chumail leis an fhèis ann an co-bhann le BBC ALBA, le luchd-ciùil o air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur airson a' chothruim, air an deach bhòt phoblach a chumail.