Ceistean mu bhuaidh obair SSEN air bun-structar Leòdhais

Tha ceistean ann a thaobh mar a dhèiligeas bun-structar Leòdhais ris an luchd-obrach agus am bathair a thig an lùib obair-leasachaidh SSEN air an eilean.

Tha a' chompanaidh an dùil cabal-dealain agus fo-stèisean ùr a thogail ann bhon ath bhliadhna.

Mar phàirt dhen seo, dh' fhaodadh 24 làraidh a thighinn a Leòdhas air bòrd aiseagan gach latha.

Tha Ailig John Moireasdan ag aithris.