Luchd-turais 'air am beò-ghlacadh' le sgeulachdan nan Gàidheal
Tha an t-eòlaiche eachdraidh agus neach-iùil Coinneach MacIllEathain air 'Travels in Another Country, A Guide to Gaelic Scotland' a sgrìobhadh.
Tha e ag ràdh gu bheil e airson tuigse nas fheàrr a thoirt dha luchd-turais a thig dhan Ghàidhealtachd air dualchas agus eachdraidh nan Gàidheal.
"Tha e tarraingeach do dhaoine a tha a' tighinn an seo," thuirt e.