Barrachd airgid a dhìth airson MG ALBA
Le na figearan as àirde a-riamh airson luchd-amharc didseatach, agus duaisean eadar-nàiseanta airson an dràma, 'An t-Eilean', tha bliadhna shoirbheachail air a bhith aig MG ALBA.
Ach anns an Aithisg Bhliadhnail aca dh'iarr iad uair eile, gum biodh maoineachadh cothromach agus seasmhach aca.
Tha an aithris seo aig Calum MacAmhlaidh.