Càite an deach ceann bodach Mhinginis?
Tha rannsachadh a' dol ann an sgìre Mhinginis san Eilean Sgitheanach às dèidh dhan cheann a bhith air a thoirt far fear de bhodaich ainmeil na sgìre air an deireadh-sheachdain is coltas ann gun deach a dhèanamh le chainsaw.
Tha am bodach fiodha – seòrsa de bhodach-ròcais ris an canar 'The Tattie Bogal' – air a bhith bliadhnaichean a' seasamh aig oir an rathaid san sgìre.
Chaidh fios a chur air Poileas Alba mun chùis is tha boireannach ann am Minginis a' tabhainn duais-airgid airson an ceann fhaighinn air ais.
Tha cuid san sgìre cuideachd a' bruidhinn air airgead a thogail gus ceann ùr a chur air a' bhodach.
Chuir sinn fear le deagh cheann air a ghuailnean - Alasdair MacLeòid - dhan sgìre gus a' chùis a rannsachadh.