Luchd-turais gu leòr ach dùbhlain a' leantainn

Tha gnothachasan air a' Ghàidhealtachd ag ràdh nach robh iad riamh cho trang le luchd-turais bho thall-thairis, ach tha cuid a' strì le trioblaidean ionmhais agus beachd ann gu bheil buaidh a' phandemic a' leantainn.

Bho chionn còig bliadhna, dh'fhàg riaghailtean Covid taighean-òsta, taighean-bìdh agus taighean-tasgaidh uile dùinte.

Thadhail Nicole Dempster air ceannardan turasachd aig an àm, agus tha i air tilleadh thuca feuch ciamar a tha a' dol dhaibh a nis.