"Tha rudeigin fada ceàrr is chan eil e seasmhach"

Tha a' bhuidheann-iomairt Misneachd ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air oidhirp a bharrachd gus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh a neartachadh.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn gum bu chòir seo a bhith na phrìomhachas dha na Sgìrean Cànain Sònraichte a thathar an dùil a thig an cois Bile nan Cànanan Albannach.