Sgoilearan Beinn Mhàbu san t-Seann Dùthaich

Tha buidheann de dh'oileanaich à Beinn Mhàbu - an campas ùr a stèidhich Colaiste na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn - air turas ann an Alba an-dràsta.

Seo a' chiad uair a thachair seo bhon a dh'fhosgail an campas ann an 2023.

Tha an turas aca a' tighinn dìreach às dèidh do Bheinn Mhàbu leasachadh mòr eile fhoillseachadh is $5m gu bhith air a chosg air àitichean-fuirich ùra do dh'oileanaich.

Bhruidhinn Ruairidh Kelly ri iar cheann-suidhe Beinn Mhàbu, Coinneach MacCoinnich.