Naidheachdan 10:00m
Gort ann an Gàsa
Tha buidheann sgrùdaidh nan Dùthchannan Aonacihte air gort air feadh an t-saoghail air innse gu bheil gort ann am pàirtean de Ghàsa. Tha aithisg an IPC air dearbhadh gu bheil gort oifigeil ann an sgìre sa cheann a tuath sa bheil baile mòr Ghàsa air a shuidheachadh. Tha iad cuideachd a' dèanamh dheth gum bi gort ann am pàirtean eile cuideachd ro dheireadh na h-ath-mhìos.
Riaghaltas Israel
Thuirt Israel Katz, ministear dìon Israek, gun sgriosadh arm na dùthcha baile Ghàsa buileach glan mura h-aontaich Hamas ri armachd a chur bhuapa agus gun leig iad ma sgaoil na h-Israelaich a thug iad am bruid air fad. Thug Mgr Katz rabhadh seachad gum fosgladh "geataichean ifrinn" air Hamas gus an aontaich iad ri na tha na h-Israelaich ag iarraidh. Tha iomairt mhòr a' dol gus smachd fhaighinn air a' bhaile agus tha na mìltean air tòiseachadh a' teicheadh às lem beatha.
Luchd-lollipop
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn càineadh airson an àireamh de dhaoine a tha a' cuideachadh chloinne tarsainn an rathaid a ghearradh. Tha àireamhan a fhuair Tòraidhean na h-Alba a' cleachdadh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a' sealltainn gu bheil an àireamh de bhoireannaich 's de dh'fhireannaich lollipop air a bhith air a gearradh cha mhòr an treas cuid bho 2017. Thuit an àireamh bho 60 gu 41. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air £46,000 a chosg air slighean sàbhailte dhan sgoil thairis air a' bhliadhna mu dheireadh.
Dìth uisge
Thathar ag iarraidh air Albannaich - gu sònraichte air an taobh an ear - a bhith air leth faiceallach a thaobh na tha iad a' cleachdadh de dh'uisge. Tha stòran-uisge aig ìrean nas lugha nan àbhaist. Thuirt Uisge na h-Alba gun robh an Lùnastal air a bhith nas tiorma na chleachd. Tha iad ag iarraidh air daoine, gu h-àraid air taobh an ear na dùthcha, gun a bhith ro fhada a' gabhail fras agus gun nighdearachd a dhèanamh mura bi inneal-nighdearachd làn aca.
An Clò Mòr
Tha PETA - buidheann còirichean bheathaichean - air iarraidh gun gluais gnìomhachas a' Chlò Hearaich air falbh bho chlòimh a dh'ionnsaigh phlanntraisean airson an clobhd aca a dhèanamh. Tha iad ag ràdh nach eil iad airson 's gum bi caoraich a' fulang agus tha iad ag iarraidh gun tèid cainb no sòigh a chleachdadh. Tha iad a' cumail a-mach gu bheil gnìomhachas na clòimhe borb. Chaidh Calum Iain MacÌomhair, àrd-oifigear eadar-amail Ùghdarras a' Chlò Hearaich, às àicheadh seo gu tur. Thuirt Mgr MacÌomhair gur ann a bhiodh e borb mura biodh daoine a' lomadh chaorach.
Jeremy Balfour
Tha Jeremy Balfour, am ball Albannach Tòraidheach, air falbh às a' phàrtaidh. Tha e fàgail air a' phàrtaidh nach eil mòran aca ri thabhann do mhuinntir na h-Alba. Suidhidh am ball airson Lodainn mar neo-eisimileach mus bi taghadh Holyrood ann an ath-bhliadhna.