"Cuideam" bhon chomhairle co-cheangailte ri sgoil ùr Mhuile

Tha a' bhuidheann a tha a' toirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu cùirt mun cho-dhùnadh bun-sgoil agus àrd-sgoil ùr a thogail ann an Tobar Mhoire ag ràdh gu bheil iad air an uabhasachadh le brath-naidheachd a nochd bhon ùghdarras ionadail.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil e a' cur cuideim orra.

Thuirt a' chomhairle gun robh an iomairt laghail a' cur a' phròiseict gu lèir ann an cunnart. Seo Andreas Wolff: