Dearbhadh nach ceannaich a' choimhearsnachd Caisteal Armadail

Dhearbh Urras Coimhearsnachd Shlèite nach cur iad tairgse a-steach airson Caisteal Armadail a cheannnach.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill ag iarraidh cus airson a' chaisteil agus na togalaichean is pìosan fearainn a tha na chois.

Tha beachd ann cuideachd gum biodh na milleanan a bharrachd a dhìth airson an toirt gu ìre.

Tha an caisteal agus Oighreachd Shlèite air a' mhargaidh gu meadhan-là a-màireach. Seo Alasdair MacLeòid …