Iarrtas 'son cathraiche ChalMac a bhith aig coinneamh an Uibhist
Chur Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ìmpidh air cathraiche Chalmac, Erik Østergaard, uallach a ghabhail airson staing nan aiseagan.
A-rèir Torcuil Crichton, bu chòir do Mhgr Østergaard bruidhinn ri daoine aghaidh ri aghaidh, air no obair fhàgail.
Thèid coinneamh èiginneach a chumail ann an Uibhist a Deas air a' mhìos seo fhèin gus bruidhinn mu na trioblaidean a th' air a bhith aig eileanaich le gainnead aiseagan agus dìth planaidh bho thaobh ChalMac air a' chlàr-ama.
Tha Annabel Nic'illinnein ag aithris.