Naidheachdan 11:00m

Bàs a' Phàpa Prainnseas

Tha luaidh ga dhèanamh air a' Phàpa Prainnseas a dh'eug madainn an-diugh. Bha e 88 bliadhna de dh'aois, agus bha e air a bhith meadhanach bho chionn ghoirid. Tha an aithris seo aig Dòmhnall Moireasdan.

B' e an Càirdineal Jorge Mario Bergoglio à Argentina a' chiad Phàpa neo-Eòrpach a bh' aig an Eaglais Chaitligich airson ceudan bhliadhnaichean. Chaidh a thaghadh ann an 2013 an dèidh dhan Phàpa Benedict, nach maireann, seasamh sìos. B' e Prainnseas cuideachd a' chiad Jesuit a bha na Phàpa. Tha e air a bhith a' fulang leis a' ghrèim 's air ùine a chur seachad san ospadal bho chionn ghoirid. Nochd e an-dè ann an Ceàrnag an Naoimh Peadar gus beannachdan Càisge a thoirt seachad, ach bha e follaiseach nach robh e gu math. Dh'innis am Bhatacan gun do dh'eug Prainnseas aig 07:35 madainn an-diugh. Rinn iad luaidh air ag ràdh gun do chuir e seachad a bheatha ann an seirbheis dhan Tighearna agus dhan Eaglais.

Ceannardan an t-saoghail a' cuimhneachadh air a' Phàpa

Tha ceannardan an t-saoghail air a bhith a' dèanamh luaidh air a' Phàpa Prainnseas nach maireann. Nam measg, tha Prìomhaire na h-Eadailte, Georgia Meloni, a thuirt gu bheil naidheachd a bhàis na adhbhar bròin don a h-uile. Ann am Paris, chualas clagan Cathair-Eaglais Notre Dame 88 tursan mar chuimhneachan air a' Phàpa, 's thuirt Ceann-Suidhe na dùthcha Emmanual Macron gur e fear iriosal a bh' ann am Prainnseas. Thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisean Eòrpaich, Ursula von der Leyen, gun tug e misneachd do na milleanan, agus nach iad muinntir na h-Eaglaise Caitligich a-mhàin. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Èipheit, Abdul Fattah al-Sisi, gur e guth airson sìthe, gaoil agus co-fhaireachdainn a bh' ann.

Teachdaireachdan bho phrìomh phearsachan Breatannach

An seo sa Rìoghachd Aonaichte, ann am brath a thàinig bho Lùchairt Bhuckingham, thuirt an Rìgh gu bheil naidheachd a bhàis na adhbhar bròin dha fhèin agus don Bhànrighinn, 's gur e fear a bh' anns a' Phàpa Prainnseas a bha fìor dhealasach na chreideamh. Thuirt am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, gur e Pàpa a bh' ann do na daoine bochda agus do na daoine air a bheil dìochuimhne, 's thuirt e gun robh dòchas aig cridhe a Phàpachd. Rinn Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, luaidh air a' Phàpa agus esan ag ràdh gur e fear a bh' ann a thug comfhurtachd is dòchas do mhòran.

An Ucràin

Gu naidheachdan eile na maidne a-niste, agus tha rabhaidhean airson ionnsaighean adhair air a bhith ann mu mheadhan agus taobh sear na h-Ucràin, beagan uairean an uaireadair às dèidh don fhosadh a bh' ann airson na Càisge tighinn gu crìch. Tha an dà chuid Moscow agus Kyiv air a ràdh gun deach am fosadh a tha sin a bhristeadh na mìlltean thursan ge-tà.

Uisge na h-Alba

Tha na ceudan de luchd-obrach aig Uisge na h-Alba ag ullachadh airson stailc ann an eas-aonta mu phàigheadh. Tha stailc dà latha gu bhith a' tòiseachdainn aig meadhan-oidhche a-nochd. Thuirt Uisge na h-Alba, a tha fo shealbh na stàite, nach eil stailc gu buannachd dhuine sam bith.