Naidheachdan 11:00m

Bàs le drugaichean mì-laghail

Bha lùghdachadh 13% san àireimh bàs le buaidh dhrugaichean mì-laghail ann an Alba an-uiridh. Bha 1,017 cùis ann an 2024, an àireamh as lugha bho 2017, ach 's ann an Alba a tha an àireamh as miosa fhathast am measg nan dùthchannan Eòrpach.

Sràid Downing

Tha Sir Keir Starmer os cionn coinneimh caibineit airson a' chiad uair bho thill buill-phàrlamaid a Westminster an dèidh fòrladh an t-samhraidh. Tha sin an dèidh dhan Prìomhaire atharrachadh a thoirt air na h-uimhir de dh'àrd-dhreuchdan agus comhairlichean aig Sràid Downing.

Bhìosathan oileanach

Tha deichean mìltean oileanach à dùthchannan eile a' faighinn rabhadh bho Oifis na Dùthcha gun tèid an cur a-mach às an Rìoghachd Aonaichte ma dh'fhuiricheas iad nas fhaide nan cead bhìosa. Tha dragh air an riaghaltas gu bheil mòran a' sireadh comraich mar dhòigh air fuireach san dùthaich nuair a tha an ùine a tha ceadaichte dhaibh a' tighinn gu ceann.

Cuirt an t-Siorraidh Inbhir Nis

Tha dùil ri fear, 44, sa chùirt ann an Inbhir Nis an-diugh fo chasaid mu ionnsaigh fheiseil air gille, 8, ann an Druim na Drochaid. Tha polais air a bhith a' rannsachadh an tachartais air làrach campa sa sgìre air an 31mh den Iuchar.

Taigheadas

Tha am buidheann taigheadais, Shelter, am measg na rinn rannsachadh a thuirt gu feum, air a' char as lugha, 15,000 taigh ùr air prìs reusanta a thogail ann an Alba a h-uile bliadhna airson cumail ris an iarrtas a th' ann. Tha sin gu math nas motha na targaid Riaghaltas na h-Alba aig 10,000 taigh ùr sa bhliadhna. Thuirt an riaghaltas, a tha a' foillseachadh plana èiginn airson taigheadais an-diugh, gu bheil iad a' cur mòran airgid ri taighean den t-seòrsa sin.

Corea a Tuath

Thuirt Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, nach robh na ceanglaichean ri Ceann-suidhe Shìona, Xi Jinping, a-riamh cho math. Tha dùil gun coinnich an dithis ri ceannard Chorea a Tuath, Kim Jong-un, a-màireach.

Airgead air iasad aig Riaghalta na RA

Dh'èirich na tha de dh'airgead air iasad aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dhan ìre as motha bho 1998, a' cur ris a' chuideam air an t-Seansalair, Rachel Reeves. Thuit luach an not cuideachd, sios 1% mu choinneimh an dolair, agus dh'èirich cosgaisean iasaid sa Ghearmailt agus san Fhraing.

Cùmhnan ùr nan aiseagan

Sgrìobh Buidheann Aiseag nan Eilean Siar gu Rùnaire na Còmhdhail a' gearan nach eil iad a' faighinn àite gu leòr san ullachadh airson cumhnant ùr do sheirbheisean a' chost an iar. Thuirt Còmhdhail Alba gun do chuir iad na h-uimhir de mholaidhean a' bhuidhinn sa phlana ùr agus gu bheil iad a' bruidhinn ris na coimhearsnachdan.