Urram mòr mara ga bhuileachadh air fear de mhuinntir Leòdhais
Tha urram mòr mara ga bhuileachadh air fear de mhuinntir Leòdhais a tha air a bhith fad còrr is 30 bliadhna a' seòladh do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.
Tha an Caiptein Iain MacCoinnich, a bhuinneas do dh'Aird an Rubha, air a bhith a' cheart cho fada ag obair gu saor-thoileach air a' bhàta-teasairginn.
Tha e gu bhith a' faighinn Duais a' Chabhlaich Mharsanta, duais a tha mar phàirt de shiostam urraman na Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh am fear-naidheachd againn Alasdair MacLeòid a bhruidhinn ris.