Leasachadh taigheadais coimhearsnachd ga fhosgladh an Colbhasa

Dh'fhosgail leasachadh taigheadais coimhearsnachd gu h-oifigeal ann an Colbhasa.

Thigeadh trì de na naoi taighean le airgead bhon chompanaidh bhradain MOWI, 's iad gu bhith nan àiteachan-fuirich dhan luchd obrach aca.

Tha Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa ag ràdh gu bheil tri làraichean eile fhathast rin leasachadh, agus iad cuideachd air croit a cheannach a thèid a leigeil air mhàl.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.