Naidheachdan 11:00m

Am Prionnsa Anndra

Tha cuideam a' sìor fhàs air a' Phrionnsa Anndra innse na 's aithne dha mun drabastair Jeffrey Epstein an dèidh foillseacheadh cuimhneachain Virginia Guiffre nach maireann. Tha Amy Wallace, a sgrìobh an leabhar còmhla rithe, ag ràdh gum feum am Prionnsa fianais a thoirt do phoilis sna Stàitean Aonaichte. Tha am Prionnsa a' dol às àicheadh na thathas a' cur às a leth.

Tiotalan a' Phrionnsa

Chuir an SNP gluasad mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Westminster ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a thiotalan rìoghail air fad a thoirt bhon Phrionnsa Anndra. Bhiodh sin a' ciallachadh, nan deadh gabhail ris, nach biodh inbhe mar dhiùc aige tuilleadh. Dh'innis am Prionnsa Anndra an t-seachdain seo chaidh nach cleachdadh e tuilleadh tiotal Diùc Iorc neo Iarla Inbhir Nis.

'Gràisgean grumaidh'

Gheall Oifis na Dùthcha na dh'fheumas dèanamh airson faighinn gu fìrinn nan 'gràisgean grumaidh' ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. An-dè dh'fhàg dithis a dh'fhuiling an àite air buidheann a tha a' cuideachadh le iomairt airson rannsachaidh nàiseanta air a' chùis.

Nicolas Sarkozy

Tha seann cheann-suidhe na Frainge, Nicolas Sarkozy, sa phrìosan ann am Paris aig toiseach binn còig bliadhna airson a bhith a' trusadh airgid à Libia ann an iomairt taghaidh ann an 2007. Tha esan a' dol às àicheadh nan casaidean a bha na aghaidh.

Biffa

Tha cùis-lagha a' tòiseachadh an-diugh sa bheil companaidh ath-chuairteachaidh ag iarraidh £160m bho Riaghaltas na h-Alba. Tha a' chompanidh Biffa a' sireadh airgid dìolaidh airson mar a dh'fhàilig sgeama ath-chuairteachaidh nam botal air an deach stad ann an 2023.