Naidheachdan 11:00m
Siostam inimreachais
Tha Rùnaire na Dùthcha ag ràdh gu bheil i misneachail gun tèid aice air na planaichean gus atharrachadh a thoirt air siostam inimreachais na Rìoghachd Aonaichte fhaighinn tro na Cumantan. Thuirt Shabama Mahmood gu bheil a' chuid as motha de bhuill-phàrlamaid ag iarraidh siostam nas cothromaiche - sin a dh'aindeoin 's gu bheil cuid de bhuill a' phartaidh aice fhèin a' cur an aghaidh nam planaichean.
William MacDowell
Thèid rannsachadh tubaist bhàsmhòr a chumail mu mar a dh'eug Uilleam MacDhùghaill, an duine a chaidh a dhìteadh 'son muirt Renee NicRath agus a mac Anndra. Bha MacDhùghaill, a bha 81, air a bhith a' faighinn cùraim aig deireadh beatha aig prìosan Glenochil mus do dh'eug e sa Ghearran a' bhòn-uiridh. Tha Oifis a' Chrùin air fios a chur gun tèid rannsachadh a chumail agus dùil ri ro-èisteachd aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Sruighlea aig toiseach na bliadhna ùire.
Cùis Aleksandr Benga
Tha na poilis an Leòdhas a' dèanamh tagraidh airson fiosrachaidh mu chùis Aleksandr Benga bliadhna bho chaidh a dhìth. Bha an deugaire sia bliadhna deug nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh goirid ro 09:00m air an 18mh den t-Samhain an-uiridh sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh. A dh'aindeoin rannsachaidh mhòir le na poilis agus le buidhnean eile, cha deach sgeul fhaighinn air a-riamh.
Maoin an iasgaich
Tha Rùnaire nan Gnòthaichean Dùthchail aig Holyrood, Mairi Gougeon, air càineadh a dhèanamh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mu na tha iad a' toirt do ghnìomhachas an iasgaich an seo an Alba bho mhaoin shònraichte. Chan eil a' tighinn a dh'Alba ach £28m bho mhaoin luach £360m. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gum bi an t-airgead na chuideachadh ann a bhith ag ùrachadh gnìomhachas an iasgaich.
Gàsa
Tha Israel a' cur fàilte air rùn Comhairle Thèarainteachd an UN a tha a' cur taic ris an dàrna ìre de phlana a' Chinn-Suidhe Trump airson sìth an Gàsa. Tha ùghdarras nam Pailistinianach cuideachd a' gabhail ri na molaidhean, ach tha Hamas a' cur nan aghaidh agus iadsan ag ràdh nach cuir iad bhuapa an cuid armachd.