Dìth thaighean-beaga poblach san Eilean Sgitheanach
Tha dragh air nochdadh às ùr anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse mu dhìth ghoireasan, gu h-àraidh do luchd-turais.
Nochd e gu bheil na taighean-beaga aig cidhe Phort Rìgh a' dol a dhùnadh aig deireadh na h-ath-mhìos.
Dhùin an fheadhainn aig cidhe Ùige air a' mhìos seo chaidh.
Tha barrachd aig Alasdair MacLeòid.