Obair a dhìth san t-Òb ma tha dà bhàt-aiseig gu bhith ann
Tha CMAL a' coimhead air mar a ghabhadh dà bhàta-aiseig a chur air slighe Chaolas na Hearadh mar phàirt den obair gus soitheachan ùra a thogail don dà sheirbheis eadar-eileanan sna h-Eileanan an Iar.
Bhiodh, ge-tà, obair leasachaidh a dhìth air port an t-Òib airson sin - obair a bhiodh an urra ri Comhairle nan Eilean Siar, leis a bheil am port, ach aig nach eil maoineachadh airson an leithid an-dràsta.