"Na ceudan mhilleanan" an cois saor-phort uaine
Chaidh aonta a ruighinn gu foirmeil Dihaoine gus saor-phort uaine a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.
Tha dùil gun tèid 11,000 cosnadh a chruthachadh fo na planaichean 's gun tig na billeanan notaichean de dh'airgead tasgaidh chun na sgìre thairis air 25 bliadhna.
Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dùghlas Alexander, gu bheil stèidheachadh ICFGF fìor chudromach do ro-innleachd Riaghaltas na RA fàs eaconomach a thoirt air gach ceàrn den dùthaich.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gu bheil an t-aonta na "chlach-mhìle bhrosnachail".