Naidheachdan 11:00m

Cogadh na h-Ucràin

Thuirt na Stàitean Aonaichte nach dèan iad mòran an còrr oidhirp air sìth eadar an Ruis agus an Ucràin mura bi e follaiseach an ceann là no dhà gun gabh aonta dèanamh. Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Marco Rubio, sin ann am Paris, goirid an dèidh dhan Ucràin innse gun tàinig iad gu aonta a bheir còir dha na Stàitean Aonaichte air stòras mèinnearail na dùthcha. Bha iad am beachd ainm a chur ris an aonta sin sa Ghearran nuair a thadhail an Ceann-suidhe Zelensky air an Taigh Gheal ach chaidh e ceàrr nuair a chaidh e fhèin agus Dòmhnall Trump a-mach air a chèile.

Tubaist Naples

Thuirt poilis anns an Eadailt gun deach dithis à Breatainn a mharbhadh ann an tubaist carbad-càbaill agus gu bheil iad am measg cheathrar a chaill am beatha. Thachair an tubaist faisg air mullach Mount Faito os cionn Naples.

Turas a' Chinn-suidhe Trump

Thuirt Dòmhnall Trump gur ann san t-Sultain a tha Lùchairt Bhuckingham an dùil a bhios a dhàrna turas stàite dhan Rìoghachd Aonaichte. Thug Sir Keir Starmer cuireadh foirmeil dha bhon Rìgh nuair e bha e ann an Washington sa Gearran. Thuirt Lùchairt Bhuckingham nach do chuir iad ceann-là air dòigh fhathast, ach gu bheil còmhraidhean a' dol air adhart mu cuine agus càite.

Oithighean

Thuirt Prionnsabal Oilthigh Dhùn Èideann, Sir Peter Mathieson, gum feum atharrachadh raidigeach tighinn air maoineachadh oileanach na h-Alba gus a seachain àitichean eile an seòrsa trioblaid a tha aig Oilthigh Dhùn Dè le fiachan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad deònach coimhead air atharrachadh ach nach till iad gu cìsean oideachaidh.