Ceann-là tagraichean a' Mhòid faisg

Alice Nic a' Mhaoilein agus Ryan Johnstone a bhuannaich na Buinn Òir san Òban an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Tha an Comunn Gàidhealach airson cur ann an cuimhne dhaoine gu bheil an ceann-là airson cur a-steach airson farpaisean Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa a' teannadh dlùth.
Tha gu Disathairne an 31mh den Chèitean aig daoine tagraichean a chur a-steach.
Bidh am Mòd anns a' Ghearasdan am-bliadhna eadar an 10mh-18mh den Dàmhair.
Seo an 9mh turas a tha am Mòd air a bhith ann an Loch Abar.
Tha còrr is 160 farpais ann uile gu lèir eadar farpaisean chloinne is inbheach.
Gheibhear làn liosta nam farpaisean, taobh a-muigh air làrach-lìn a' Chomuinn Ghaidhealaich agus gheibhear air tagraichean a chur a-steach, taobh a-muigh air an làraich cuideachd.

Bha sgoilearan Sgoil Bhàgh a' Chaisteil air an dòigh an dèidh dhaibh farpais Cogadh nan Còmhlan a bhuannachadh san Dàmhair a chaidh
Tha an Comunn an dòchas gum bi an Gearasdan a cheart cho trang 's a bha an t-Òban an-uiridh - far an robh 2,700 farpaiseach clàraichte.
Tha oidhirpean a' dol am bliadhnsa a-rithist clann na sgìre a bhrosnachadh a dhol ann tro Acadamaidh a' Mhòid.
Tron Acadamaidh tha sianar oidean a' tadhal air mu 40 clas ann an 18 sgoiltean gus seinn Ghàidhlig, bàrdachd is ceòl traidiseanta ionnsachadh dhaibh.
'S iad Fèisean nan Gaidheal a bhios ga ruith ann an co-bhanntachd leis a' Chomunn agus le taic airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd.
Chuir Àrd-Oifigear a' Chomuinn, Seumas Greumach, ìmpidh air daoine na tagraichean aca a chur thuca ron là mu dheireadh dhen mhìos.
"Tha an ath ghinealach aig cridhe a' Mhòid agus tha e cho math a bhith a' faicinn an obair a tha a' dol air adhart ann an sgoiltean Loch Abar gus cothrom a thoirt dhan òigridh a bhith a' sàs san tachartas a tha air an starsaich aca fhèin," thuirt iad.
Tha an Comunn a' dèanamh dheth gun do thadhal 9,000 duine uile gu lèir air an Òban an-uiridh airson a' Mhòid.
A rèir sgrùdaidh a rinn a' bhuidheann Tourism Resources Company as leth a' Chomuinn thàinig buannachd £3.6m bhon Mhòd an-uiridh, am figear as àirde ann an còig bliadhna.
