Nicola Sturgeon a' seasamh sìos an ath-bhliadhna

Tha Nicola Sturgeon air innse nach eil i an dùil seasamh san taghadh Albannach an ath-bhliadhna.

Tha i air a bhith na ball aig Holyrood bho 1990, a' ciallachadh gu bheil i am measg àireamh bheag de bhuill a th' air a bhith ann bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh.

Thuirt i gun lean i oirre ag iomairt airson neo-eisimileachd agus airson co-ionnanachd.

Seo Mìchael MacNèill.