Amannan feitheamh A&E "sgriosail" a rèir BP
Tha am BP Gàidhealach Jamie Stone ag ràdh gu bheil e sgriosail cho fada 's a dh'fheumas cuid de sheann daoine feitheamh aig ionadan-èiginn ann an ospadalan na Gàidhealtachd.
A rèir iarrtas saorsa-fiosrachaidh a rinn na Libearalaich Dheamocratach, dh'fheumadh 337 neach nas sine na 85 feitheamh còrr is 12 uair de thìde aig A&E san sgìre an-uiridh.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.