Deasbad a' leantainn mu Hub Leòdhais

Thug comataidh dealbhachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar cead seachad ann am prionnsabal 'son dà stèisean dealain air Mòinteach Àranais ann an Leòdhas.

Thèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh aig coinneimh na Làn-Chomhairle Diciadain an ath-sheachdain, ach tha deasbad a' leantainn aig ìre na coimhearsnachd.