Cead am prionnsabal do Hub Leòdhais

- Air fhoillseachadh
Thug comataidh dealbhachaidh aig Comhairle nan Eilean Siar cead seachad ann am prionnsabal 'son dà stèisean dealain air Mòinteach Àranais ann an Leòdhas.
Tha iad seo mar phàirt de na planaichean a th' aig a' chompanaidh SSEN 'son càball-dealain 1GW ùr fon mhuir eadar Leòdhas agus tir-mòr gus dealan à tuathan-gaoithe mòra a ghluasad.
Airson sin tha e deatamach gum bi goireasan ris an canar fo-stèisean AC 400 KV, agus stèisean HDVC 's am bun-structar a thig nan cois ann airson obair-leasachaidh SSEN.
Tha dùil gum bi 285 heactair ann an Hub Leòdhais air gach taobh de rathad an A859 air iomall Steòrnabhaigh - cha mhòr cho mòr ri 400 pàirce ball-coise.
Ged a fhuair am pròiseact taic nan comhairlichean aig an ìre seo, tha cuid sa choimhearsnachd le dragh mu dheidhinn.
Rinn Comann Coimhearsnachd Marybank agus Maryhill iomairt làidir roimhe an aghaidh moladh SSEN airson làraich eile tuath air an tè seo.
Tha dà bhuidhinn coimhearsnachd air beachdan a thoirt seachad mar phàirt den cho-chomhairleachadh phoblach air plana ùr na companaidh dealain.
Tha Comhairle Coimhearsnachd Shanndabhaig a' cur an aghaidh a' phròiseict agus dragh orrasan mu mheud an leasachaidh agus a' bhuaidh a bhiodh aige air an àrainneachd agus air a' choimhearsnachd.
'S e as motha a tha na adhbhar iomagain do Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath nan Loch na bhios ann de thrafaig an cois na h-obrach.
Thèid co-dhùnadh deireannach a dhèanamh air an tagradh aig coinneimh na Làn-Chomhairle Diciadain an ath-sheachdain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain
