Thistle Inbhir Nis a' cluiche a' chiad gheam aca

Tha seann ainm air ais ann am ball-coise air a' Ghàidhealtachd.

Disathairne, cluichidh cluba ùr Thistle Inbhir Nis a' chiad gheam aca ann an Lìog Cailleanach a' Chinn a Tuath an aghaidh Inbhir Theòrsa.

Tha an fheadhainn a tha os cionn a' chluba ag ràdh gur e toiseach lìnn ùr a th'ann ach gu bheil dualchas an t-seann chluba gu math cudromach dhaibh cuideachd.

Le tuilleadh, seo Dòmhnall Angaidh Moireasdan.