Naidheachdan 11:00m

Ola

Thàinig rabhadh bho cheannardan a' ghnìomhachais gur dòcha gum feum an Rìoghachd Aonaichte cho mòr ri 70% den ola agus gas a cheannach à dùthchannan eile ron bhliadhna 2030 mura cuir an Riaghaltas airgead leasachaidh ris an roinn. Tha aithisg bho Offshore Energies UK, buidheann a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais, ag ràdh gun robh toradh a' Chuain a Tuath aig an ìre as lugha a-riamh an-uiridh agus gun tàinig air an rìoghachd 42% den chumhachd a cheannach à dùthchannan eile. Thuirt ministearan riaghaltais gu bheil iad ag èisteachd ris a' ghnìomhachas.

Buidseat

Dh'innis Roinn an Ionmhais gun toir an Seansalair, Rachel Reeves, seachad Buidseat an Fhoghair air an 26mh den Dàmhair. Dh'aidich Ms Reeves, ann am bhideo air na meadhanan sòisealta an-diugh, nach eil an eaconomaidh ag obair mar a bu chòir agus gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast. Bha cosgaisean iasaid an Riaghaltais an-dè aig an ìre as motha ann an 27 bliadhna.

An Ucràin

Thuirt an Ucràin gun tug an Ruis còrr is 500 ionnsaigh dròn agus urchair air targaidean air feadh na dùthcha a-raoir. Bha spreadhaidhean sa phrìomh bhaile, Kyiv, agus ann an sgìre Kirovohrad ann am meadhan na dùthcha, far an deach còignear air a' char as lugha, a leòn. Chàin an Ceann-suidhe Zelensky na h-ionnsaighean.

Graham Linehan

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Wes Streeting, gu bheil an Riaghaltas 'son gun cùm poilis smachd air na sràidean seach na meadhanan sòisealta, "streets rather than tweets" mar a thuirt e fhèin. Bha e a' bruidhinn an dèidh do phoilis armaichte an sgrìobhaiche comadaidh, Graham Linehan, a chur an grèim a' bhòn-dè fo amharas gun robh e a' brosnachadh fòirneirt leis na chuir e air meadhanan sòisealta mu chòraichean tar-gnè. Thuirt Mgr Streeting gum faodadh an Riaghaltas coimhead air reachdas ùr mura h-eil an lagh a th' ann an-dràsta cothromach a thaobh saorsa-labhairt.

FSB

Tha Caidreachas nan Gnothachasan Beaga ag ràdh gu bheil cosgaisean agus cion luchd-obrach nan trioblaid aig faisg air an dàrna leth de ghnothachasan beaga air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Sheall sgrùdadh a rinn an caidreachas gun tainig air 20% de ghnothachasan beaga na h-Alba seirbheisean a ghearradh air a' bhliadhna a chaidh seachad.