Naidheachdan 11:00m

Kashmir

Tha an Riaghaltas agus ceannardan tèarainteachd ann am Pagastan air a bhith a' deasbad nan ionnsaighean Ìnnseanach air an dùthaich a-raoir. Thuirt na h-Ìnnseachan gun do rinn iad sin mar dhìoghaltas airson ionnsaigh air a' mhìos a chaidh san do mharbh buidheann Ioslamach à Pagastan 26 duine de shìobhaltaich Ìnnseanach. Thuirt Pagastan gun deach 26 duine air a' char as lugha a mharbhadh sna h-ionnsaighean a-raoir, agus mòran eile a ghoirteachadh.

Joe Biden

Thuirt seann Cheann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, gun robh eagal air gun do phiobraich e an treas cogadh mòr nuair a thug e taic Aimeireaga dhan Ucràin an dèidh ionnsaigh na Ruis bho chionn còrr is trì bliadhna. Chaidh Mgr Biden, ann an agallamh leis a' BhBC, às àicheadh nach tug e taic gu leòr dhan Ucràin.

Holyrood

Bidh ceannardan an SNP, Tòraidhean, Làbaraich agus Lib Deamaich na h-Alba a' dèanamh òraidean agus taisbeanadh an-diugh air am planaichean bliadhna dhan là mus bi taghaidhean Holyrood ann. Agus bidh deasbad aig Holyrood feasgar air a' phlana riaghlaidh a dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear John Swinney an-dè.

Campas Bharraigh

Bha gealltanas ann am pròiseact reachdais an Riaghaltais an sin gun tèid campas Bharraigh agus Bhatarsaigh air adhart le goireasan foghlaim is slàinte. Tha na partaidhean eile ag ràdh ge-tà, nach eil cinnt ann cuin a thachras sin.

Tuath-gaoithe

Dh'innis a' chompanaidh Orsted às an Danmhairg gur e mar a tha cosgaisean a' sìor èirigh as adhbhar gun do chuir iad an dàrna taobh plana airson tuath-gaoithe mhòir aig muir far chosta Yorkshire. Thuirt an Riaghaltas gum feuch iad fhèin agus Orsted ri pròiseact Hornsea 4 a thoirt gu buil.

A' Bhatacan

Chruinnich còrr agus 130 càirdineal bho air feadh an t-saoghail aig aifreann anns an Ròimh anns a' mhadainn mus tòisich iad a' taghadh Phàpa ùir feasgar. Leanaidh am bhòtadh gus am faigh aon tagraiche dà thrìan de mhòr-chuid.

Trèanaichean

Thèid an aois aig am bi cead aig daoine trèana a dhràibheadh ìsleachadh bho 20 bliadhna de dh'aois, gu 18 ann an oidhirp air dreuchdan a lìonadh. Tha an Riaghaltas an dòchas, le tuilleadh dhràibhearan, nach bi uimhir de sheirbheisean gan cur dheth, agus nach tig air dràibhearan a bhith ag obair air làithean dheth.