Fèis Fhògarrach Inbhir Nis
Chaidh tachartas sònraichte a chumail ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain, mar phàirt de dh'Fhèis Fhògarrach na h-Alba.
Airson còig bliadhna fichead den fhèis a chomharrachadh, bha biadh, ealain agus cànanan gan taisbeanadh aig Eden Court.
Bha coimhearsnachd Ucràinianach Inbhir Nis mar phàirt dhan fhèis airson a' chiad uair, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.