Comhairliche ùr 'son guthan òigridh a thogail

Tha comhairliche ùr uard Eilean a' Cheò ag ràdh gun dèan i cinnteach gum bi guth aig an òigridh agus feadhainn a tha ri obair aig ìre na coimhearsnachd san sgìre.

Chaidh Chrissie NicIlliosa a thaghadh ann am fo-thaghadh deireadh na seachdain seo chaidh.

Bha an taghadh ann às dèidh do Chalum Rothach Comhairle na Gàidhealtachd fhàgail.