"Tha e deatamach gum bi na h-Eileanan air fad air an comharrachadh mar sgìre shònraichte"
Tha cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid na h-Eileanan an Iar air fad a chomharrachadh mar tè de na sgìrean cànain sònraichte a thig an cois Bhile nan Cànanan Albannach.
Chaidh am bile tro Phàrlamaid na h-Alba Dimàirt.
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, ag ràdh gu bheil i airson is gun tèid sgìrean cànain a chomharrachadh "cho luath 's a ghabhas".