Film Gàidhlig "an ath-cheum"

Tha MG ALBA an dùil beachdan a shireadh airson film ùr Gàidhlig às dèidh cho soirbheachail 's a bha an dràma telebhisein An t-Eilean.

Thuirt stiùiriche susbaint na buidhne, Mairead Chamshron, gur e "an ath-cheum nàdarra airson na seirbheis a bhios ann".