Sgìrean cànain "cho luath 's a ghabhas"
Tha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba ag ràdh gu bheil i airson is gun tèid sgìrean cànain sònraichte a chomharrachadh "cho luath 's a ghabhas".
Thig na sgìrean an cois Bhile nan Cànanan Albannach, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba Dimàirt.
A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar gu bheil esan airson is gun tèid an sgìre air fad a chomharrachadh mar sgìre shònraichte.
Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheilear a' coimhead fhathast air meud nan sgìrean - ach gu bheil Riaghaltas na h-Alba 'son gluasad gu luath.
Tha i ag ràdh cuideachd gum biodh oifigear-leasachaidh anns gach sgìre cànain is gum biodh i 'son àrdachadh fhaicinn aig an ath chunntas-sluaigh ann an àireamhan de luchd-labhairt anns na sgìrean traidiseanta.